Posts

Co-fharpais/ Competition

Image
Tha mi toilichte a' chiad co-fharpais a chur air dòigh air an duilleag an seo...tha mi an dòchas gum bi e ag obair!  
I'm pleased to be organising this page's first ever competition...hope it works!  

'S e lùban bun-dùirn bhon bhuth agam air Etsy a tha ann mar duais sa cho-fharpais seo.  

The prize in this competition is a pair of cufflinks from my Etsy shop.  

'S e lùban bun-dùirn òr a th' annta, le litir air a ghràbhaladh air cearcall fiodha air gach lùb bun-dùirn.  Tha bocsa beag dubh ann cuideachd - tha iad air leth math airson tiodhlac.  Tha iad ri fhaicinn sa bhuth Etsy agam an seo.

The cufflinks are gold plated with an initial of your choice engraved on each one.  They come in a little black cufflink box, so make an excellent gift.  The can be seen in my Etsy shop here.  




'S urrainnear a' cho-fharpais fhaicinn fon seo.

You can enter via the Gleam app below.
Dehmel Designs Valentine's Giveaway

Tha mi air ais!/ I'm back!

Image
Mhothaich mi an-diugh nach d' fhuair mi cothrom sgrìobhadh an seo airson ùine gu math fada.  Mar sin, nì mi geàrr chunntas air choireigin dhe na thachair sna seachdainean a dh'fhalbh.
An toiseach, bha coinneamh ann dhen chomann dhealbhach a th' againn ann an Lios Mòr.  Abair latha a bh' ann, le seallaidhean nach gabhadh creidsinn.  Bha sinn ann am Parc, àite ann an Lios Mòr far nach robh mi riamh ron a seo.  Leis na speuran cho gorm is cho soilleir agus leis an t-sneachd cho geal air na beanntan mu cuairt oirnn, cha b' urrainn na b' fheàrr.  






I noticed today that I hadn't had a chance to write here for a while.  So, I'll do a kind of summary of what's been happening over the last few weeks.  
First of all, we had a meeting of Lismore's photography club.  What a day it was, with unbelievable views.  We were in Park, part of the island I'd never previously visited.  With the clear, blue skies and the snow so white on the surrounding mountains, it…

30 Bliadhna/ 30 years

Image
Tha e doirbh a chreidsinn gu bheil 30 bliadhna sir a dhol sea had an-dèidh bàs mo sheanmhar. Bidh sinn uile ga h-ionndrainn gu bràth. Cuimhneachain prìseil ged-tà.

It’s hard to believe that 30 years have passed since my Gran’s death.  We’ll always miss her. Precious memories though.




Sneachd!/ Snow

Image
Chan eil na dealbhan idir a' sealltainn cho cumhachdach, breaghaagus fuar 's a bha an aimsir ann an Lios Mòr an-diugh.  Ged a bha e fuar, cha robh mi a' gearain idir a bhith a' coiseachd suas à Port a' Chaisteil an-deidh dhomh a bhith ag obair - bha e mìorbhailteach agus bha mi cho sùnndach a bhith a-mach air latha mar seo.  
The pictures don't do justice to the power, beauty and coldness of the weather in Lismore today.  Although it was cold, I wasn't complaining at all at walking up the hill from Port Castle after work - it was wonderful and exhilarating to be outside on a day like this.



Feasgar trang/ A busy afternoon

Image
Abair gun robh sinne trang feasgar an-diugh - bha obair-dachaigh aig na balaich!  Leughadh, sgrìobhadh, cunntadh...is a' tarraing à Mamaidh, gus am biodh i a' dol cràite!  Saoil an robh leannabh ann a-riamh nach robh a' cur a phàrantan às an rian le a bhith a' leughadh rudeigin mar seo:  "h-a-d, h-a-d, h-a-d... tha sin ag ràdh... Kipper!" Is an uair sin, dìreach nuair a tha na pàrantan bochd a' toiseachadh air rànail, tha an creutair beag mì-mhodhail a' leughadh an leabhair bhon toiseach dhan deireadh, uile gu lèir gun mhearachd sam bith!  Càit' a bheil am fìon?!

Weren't we busy this afternoon - the boys had homework!  Reading, writing, counting...and teasing Mummy till she goes mad!  I wonder if there was ever a child who didn't drive its parents senseless by reading something like this:  "h-a-d, h-a-d, h-a-d... that says... Kipper!" And then, just when the poor parents are starting to cry, the cheeky wee creature reads the whole…

Leabaidh #2/ Bed #2

Image
Airson an fhirinn innse, thachair seo an-dè ach, leis an aimsir a bh' againn an-diugh, cha do thachair dad sam bith a bha inntinneach, 's mar sin, tha sgeulachd na leapa ann a-rithist!


To be honest, all this happened yesterday, but with the weather we had today, nothing at all interesting happened, so it's the story of the bed again!  

Bha tòrr obrach aig Dadaidh, ach bha dithis ann a bha daonnan ga "chuideachadh" - b' esan a bha toilichte!  
Daddy had a lot of work to do, but he had a couple of willing "helpers" - he was so pleased!









An-dèidh beagan ùine, bha barrachd adhartas ri fhaicinn...
After a little while, there was some more progress to be seen...












Mu dheireadh thall, cha mhòr nach robh i deas...is bha an luchd-obrach gu math, math toilichte!


At long last, it was almost ready...and the workers were pretty pleased!


'S e leabaidh "Wayfair" a tha seo, agus tha sinn uile dhen bheachd gun e fìor dheagh leabaidh a th' innte - tha i fada n…

Leabaidh ùr/ a new bed

Image
Shaoileadh tu gum b’ e Nollaig a bh’ ann a-rithist - fhuair na balaich leabaidh ùr!  Bha iad air a bhith a' feitheamh air a son fad barrachd is seachdain is cha robh iad foghaideanach idir, idir, idir!  Co-dhiù, bha an seòmar a-nis falamh agus dh'fhaodadh Dadaidh leabaidh a thogail.   You would think it was Christmas again - the boys got a new bed! They'd been waiting for more than a week and they weren't at all patient!  Anyway, the room was now empty and Daddy could build a bed!