Posts

Showing posts from 2018

Co-fharpais na Càisge/ Easter Competition

Image
Co-fharpais beag bìodach, dìreach airson innse dhan luchd leantainn agam gu bheil mi fhathast beò! A tiny wee competition, just to let my followers know I'm still alive! Cothrom agaibh càirt na Càisge a bhuannachadh, leis an teachdaireachd agaibh fhèin. A chance to win an Easter card, with your own message on it.   Gheibhear seo agus iomadh rud eile air an larach-lìn againn, www.dehmeldesigns.com This and many other things can be purchased on our website, www.dehmeldesigns.com Originally designed to be printed in Scottish Gaelic, we can print the card according to the winner's own requirement for the purposes of this competition. 'S urrainnear a' cho-fharpais fhaicinn fon seo. You can enter via the Gleam app below. Dehmel Designs Easter Card Giveaway

Co-fharpais/ Competition

Image
Tha mi toilichte a' chiad co-fharpais a chur air dòigh air an duilleag an seo...tha mi an dòchas gum bi e ag obair!   I'm pleased to be organising this page's first ever competition...hope it works!   'S e lùban bun-dùirn bhon bhuth agam air Etsy a tha ann mar duais sa cho-fharpais seo.   The prize in this competition is a pair of cufflinks from my Etsy shop.   'S e  lùban bun-dùirn òr a th' annta, le litir air a ghràbhaladh air cearcall fiodha air gach l ùb  bun-dùirn.  Tha bocsa beag dubh ann cuideachd - tha iad air leth math airson tiodhlac.  Tha iad ri fhaicinn sa bhuth Etsy agam an seo . The cufflinks are gold plated with an initial of your choice engraved on each one.  They come in a little black cufflink box, so make an excellent gift.  The can be seen in my Etsy shop here .   'S urrainnear a' cho-fharpais fhaicinn fon seo. You can enter via the Gleam app below. Dehmel Designs Valentine's Giveaway

Tha mi air ais!/ I'm back!

Image
Mhothaich mi an-diugh nach d' fhuair mi cothrom sgrìobhadh an seo airson ùine gu math fada.  Mar sin, nì mi geàrr chunntas air choireigin dhe na thachair sna seachdainean a dh'fhalbh. An toiseach, bha coinneamh ann dhen chomann dhealbhach a th' againn ann an Lios Mòr.  Abair latha a bh' ann, le seallaidhean nach gabhadh creidsinn.  Bha sinn ann am Parc, àite ann an Lios Mòr far nach robh mi riamh ron a seo.  Leis na speuran cho gorm is cho soilleir agus leis an t-sneachd cho geal air na beanntan mu cuairt oirnn, cha b' urrainn na b' fheàrr.     I noticed today that I hadn't had a chance to write here for a while.  So, I'll do a kind of summary of what's been happening over the last few weeks.   First of all, we had a meeting of Lismore's photography club.  What a day it was, with unbelievable views.  We were in Park, part of the island I'd never previously visited.  With the clear, blue skies and the snow so

30 Bliadhna/ 30 years

Image
Tha e doirbh a chreidsinn gu bheil 30 bliadhna air a dhol seachad an-dèidh bàs mo sheanmhar. Bidh sinn uile ga h-ionndrainn gu bràth. Cuimhneachain prìseil ged-tà. It’s hard to believe that 30 years have passed since my Gran’s death.  We’ll always miss her. Precious memories though.

Sneachd!/ Snow

Image
Chan eil na dealbhan idir a' sealltainn cho cumhachdach, breagha   agus fuar 's a bha an aimsir ann an Lios Mòr an-diugh.  Ged a bha e fuar, cha robh mi a' gearain idir a bhith a' coiseachd suas à Port a' Chaisteil an-deidh dhomh a bhith ag obair - bha e  m ìorbhailteach agus bha mi cho sùnndach a bhith a-mach air latha mar seo.   The pictures don't do justice to the power, beauty and coldness of the weather in Lismore today.  Although it was cold, I wasn't complaining at all at walking up the hill from Port Castle after work - it was wonderful and exhilarating to be outside on a day like this.

Feasgar trang/ A busy afternoon

Image
Abair gun robh sinne trang feasgar an-diugh - bha obair-dachaigh aig na balaich!  Leughadh, sgrìobhadh, cunntadh...is a' tarraing à Mamaidh, gus am biodh i a' dol cràite!  Saoil an robh leannabh ann a-riamh nach robh a' cur a ph àrantan  às an rian le a bhith a' leughadh rudeigin    mar seo:  "h-a-d, h-a-d, h-a-d... tha sin ag  ràdh...  Kipper!" Is an uair sin, dìreach nuair a tha na p àrantan bochd a' toiseachadh air r ànail, tha an creutair beag m ì-mhodhail a' leughadh an leabhair bhon toiseach dhan deireadh, uile gu lèir gun mhearachd sam bith!  C àit' a bheil am f ìon?! Weren't we busy this afternoon - the boys had homework!  Reading, writing, counting...and teasing Mummy till she goes mad!  I wonder if there was ever a child who didn't drive its parents senseless by reading something like this:  " h-a-d, h-a-d, h-a-d... that says...  Kipper!" And then, just when the poor parents are starting to cry, the cheeky wee c

Leabaidh #2/ Bed #2

Image
Airson an fhirinn innse, thachair seo an-dè ach, leis an aimsir a bh' againn an-diugh, cha do thachair dad sam bith a bha inntinneach, 's mar sin, tha sgeulachd na leapa ann a-rithist! To be honest, all this happened yesterday, but with the weather we had today, nothing at all interesting happened, so it's the story of the bed again!   Bha tòrr obrach aig Dadaidh, ach bha dithis ann a bha daonnan ga "chuideachadh" - b' esan a bha toilichte!   Daddy had a lot of work to do, but he had a couple of willing "helpers" - he was so pleased!    An-dèidh beagan ùine, bha barrachd adhartas ri fhaicinn... After a little while, there was some more progress to be seen... Mu dheireadh thall, cha mhòr nach robh i deas...is bha an luchd-obrach gu math, math toilichte! At long last, it was almost ready...and the workers were pretty pleased! 'S e leabaidh "Wayfair" a tha seo, agus tha si

Leabaidh ùr/ a new bed

Image
Shaoileadh tu gum b’ e Nollaig a bh’ ann a-rithist - fhuair na balaich leabaidh ùr!  Bha iad air a bhith a' feitheamh air a son fad barrachd is seachdain is cha robh iad foghaideanach idir, idir, idir!  Co-dhiù, bha an seòmar a-nis falamh agus dh'fhaodadh Dadaidh leabaidh a thogail.     You would think it was Christmas again - the boys got a new bed! They'd been waiting for more than a week and they weren't at all patient!  Anyway, the room was now empty and Daddy could build a bed!

Soraidh slàn aig seann charaid / farewell to an old friend

B’ e seo an latha a dh’fhàg sinn uile soraidh slàn mu dheireadh aig co-ogha m’ athair, Raibeart MacGillebhrath.  Bha e 86 bliadhna dh'aois agus shiubhail e air latha na bliadhn' ùire.  Ged a bha sinn uile brònach, b' e latha snog a bh' ann cuideachd, ann an dòigh, 's an teaghlach gu lèir cruinn còmhla.  Bha Raibeart air a bhith air a dhòigh, nam b' urrainn dhasan a bhith ann!  Today we bid a final farewell to one of Dad's cousin, Robert MacGillivray.  He was 86 and died on New Year's Day - just after the Bell, in fact.  Although we were all sad, it was a lovely day too, in a way, with the whole family together.  Robert would have loved it if he could have been there!  

Latha breagha is trang/ A beautiful and busy day

B' e latha gu math, math breagha a bh' ann an-diugh, ach cho fuar ris a' phuinnsein!  Chaidh Cailean a-mach trath sa mhadainn gus gainnmheach a chur air na rathaidean, gus am biodh iad sàbhailte dha na càraichean.  Abair ceuman a tha e a' faotainn air am Fitbit aige le gnothaichean mar sin - feumaidh mise rudeigin a dhèanamh a dh'aithghearr, gus nach bi e daonnan a' dèanamh a' chùis orm!   Bha seallaidhean air leth ri fhaicinn air an rathad sìos gu Port a' Chaisteal.  B' e "an t-eilean àlainn" a bh' ann an Lios Mòr an-diugh dha-rìribh. Feasgar, chaidh mi gu coinneamh Ùghdarras Coimhearsnachd Lios Mòr - tha sinn uile an dòchas gum bi rudan ùra is inntinneach a' tachairt san eilean san àm ri teachd.  

Rudeigin Eadar-dhealaichte/ Something Different

Image
Uill, cha do rinn sinn dad a bha cho eadar-dhealaichte sin, ach cha b' e dìreach obair is Etsy a bh' ann an-diugh.  Thàinig Cailean is na coin sìos gu Port a' Chaisteil gam choineachadh an-dèidh dhomh a bhith ag obair is choisich sinn suas a' chnuic còmhla.  Bha Collach is Liosach gu math toilichte, ged a bha iad airson a bhith a' ruith tro na h-achaidhean leotha fhèin.   Well, we didn't do anything that different, it just wasn't all work and Etsy today.  Colin and the dogs came down to meet me after work at Port Castle and we all walked back up the hill together.  The dogs had great fun, although they would have preferred to be running loose through the fields!  Feumaidh mi aideachadh gun do rinn mi barrachd air Etsy cuideachd, feasgar an-diugh, ged-tà! I have to admit I did do more on Etsy this afternoon though!

Etsy!

Image
Uill, saoil dè rin mi an-diugh...sin agad e...barrachd obrach air Etsy a-rithist!  Mòran dealbhachadh ach chuir mi rud no dhà beò air an làrach-lìn cuideachd.  Seo feadhainn dhiubh... Well, guess what I did today...that's right...yet more work on Etsy!  A lot of designing, but I also put a couple of things live on the website.  Here are a few of them... Personalised marble effect hearts Valentine print Birchwood Gaelic love heart decoration

80 an-diugh!/ 80 today!

Image
B' e seo an latha mòr, sònraichte...seo an 80mh co-latha brèith aig mo mhàthair.  Chaidh sinn uile dhan eaglais anns an Òban an toiseach agus an uair sin dhachaigh du Dehmel airson partaidh bheag.   This was the big, special day...my Mum's 80th birthday.  We all went to Church in Oban first and then home to Dehmel for a wee party.   An-dèidh beagan bìdh, bha an t-àm ann airson cèic - bha na balaich dìreach air bioran mu dheidhinn nan coinnlean!  "Chuidich" iad Seanmhair le bhith gan sèideadh a-mach!   After some food, it was cake time - the boys were so excited about the candles!  They "helped" Grandma to blow them out! An uair sin, dè eile ach na preasantan...bha mo mhàthair air leth toilichte leis a h-uile rud a fhuair i, ged nach robh i buileach a' creidsinn na fhuair i.   Next, what else but the presents...my Mum was delighted with everything she received, although she couldn't quite believe all that she got.

Turas dhan Òban airson co-latha brèith sònraichte/ A trip to Oban for a special birthday

Image
Chaidh sinn uile dhan Òban an-diugh.  Bha sinn a' ruith nam bùithtean an toiseach, a' lorg phreasantan airson mo mh àthair - 's e an co-latha brèith aice a bhios ann a-m àireach, nuair a bhios i 80 bliadhna dh'aois.  Ach an-diugh, bha sinn uile a' dol a-mach airson b ìdh gu Piazza anns an  Òban.   We all went to Oban today.  We started by attacking the shops, searching for presents for my Mum - it's her 80th birthday tomorrow.  Today, though, we were all going out for lunch at Piazza in Oban. Fhuair sinn biadh air leth math mar as  àbhaist agus abair sp òrs a bh' aig na balaich cuideachd.  Tha iad an dùil 's an d òchas gum bi partaidh ann a-m àireach, ach chan eil mi cinnteach gum bi Seanmhair ag aontachadh le sin!  Ch ì sinn co-dhi ù! We had excellent food as always and the boys had great fun too.  They're really hoping that there will be a big party tomorrow, but I'm not so sure that my Mum will share their enthusiasm!  We