Tha mi air ais!/ I'm back!

Mhothaich mi an-diugh nach d' fhuair mi cothrom sgrìobhadh an seo airson ùine gu math fada.  Mar sin, nì mi geàrr chunntas air choireigin dhe na thachair sna seachdainean a dh'fhalbh.

An toiseach, bha coinneamh ann dhen chomann dhealbhach a th' againn ann an Lios Mòr.  Abair latha a bh' ann, le seallaidhean nach gabhadh creidsinn.  Bha sinn ann am Parc, àite ann an Lios Mòr far nach robh mi riamh ron a seo.  Leis na speuran cho gorm is cho soilleir agus leis an t-sneachd cho geal air na beanntan mu cuairt oirnn, cha b' urrainn na b' fheàrr.  







 I noticed today that I hadn't had a chance to write here for a while.  So, I'll do a kind of summary of what's been happening over the last few weeks.  

First of all, we had a meeting of Lismore's photography club.  What a day it was, with unbelievable views.  We were in Park, part of the island I'd never previously visited.  With the clear, blue skies and the snow so white on the surrounding mountains, it couldn't have been better.  






 Bha fiù 's na beathaichean is na h-eòin deònach a bhith a' feitheamh airson dealbh...

Even the animals and birds were willing to wait around for a photo...






 An uair sin, dh'fheuch sinn deuchainn le balla criostail...

Then we tried an experiment with a crystal ball...




 Barrachd dhen gheàrr-chunntas a-màireach...
More of the summary tomorrow...

Comments

Popular posts from this blog

Co-fharpais na Càisge/ Easter Competition

30 Bliadhna/ 30 years