Co-fharpais beag bìodach, dìreach airson innse dhan luchd leantainn agam gu bheil mi fhathast beò! A tiny wee competition, just to let my followers know I'm still alive! Cothrom agaibh càirt na Càisge a bhuannachadh, leis an teachdaireachd agaibh fhèin. A chance to win an Easter card, with your own message on it. Gheibhear seo agus iomadh rud eile air an larach-lìn againn, www.dehmeldesigns.com This and many other things can be purchased on our website, www.dehmeldesigns.com Originally designed to be printed in Scottish Gaelic, we can print the card according to the winner's own requirement for the purposes of this competition. 'S urrainnear a' cho-fharpais fhaicinn fon seo. You can enter via the Gleam app below. Dehmel Designs Easter Card Giveaway
Tha e doirbh a chreidsinn gu bheil 30 bliadhna air a dhol seachad an-dèidh bàs mo sheanmhar. Bidh sinn uile ga h-ionndrainn gu bràth. Cuimhneachain prìseil ged-tà. It’s hard to believe that 30 years have passed since my Gran’s death. We’ll always miss her. Precious memories though.
Mhothaich mi an-diugh nach d' fhuair mi cothrom sgrìobhadh an seo airson ùine gu math fada. Mar sin, nì mi geàrr chunntas air choireigin dhe na thachair sna seachdainean a dh'fhalbh. An toiseach, bha coinneamh ann dhen chomann dhealbhach a th' againn ann an Lios Mòr. Abair latha a bh' ann, le seallaidhean nach gabhadh creidsinn. Bha sinn ann am Parc, àite ann an Lios Mòr far nach robh mi riamh ron a seo. Leis na speuran cho gorm is cho soilleir agus leis an t-sneachd cho geal air na beanntan mu cuairt oirnn, cha b' urrainn na b' fheàrr. I noticed today that I hadn't had a chance to write here for a while. So, I'll do a kind of summary of what's been happening over the last few weeks. First of all, we had a meeting of Lismore's photography club. What a day it was, with unbelievable views. We were in Park, part of the island I'd never previously visited. With the clear, blue skies and the snow so
Comments
Post a Comment