Latha breagha is trang/ A beautiful and busy day

B' e latha gu math, math breagha a bh' ann an-diugh, ach cho fuar ris a' phuinnsein!  Chaidh Cailean a-mach trath sa mhadainn gus gainnmheach a chur air na rathaidean, gus am biodh iad sàbhailte dha na càraichean.  Abair ceuman a tha e a' faotainn air am Fitbit aige le gnothaichean mar sin - feumaidh mise rudeigin a dhèanamh a dh'aithghearr, gus nach bi e daonnan a' dèanamh a' chùis orm!  

Bha seallaidhean air leth ri fhaicinn air an rathad sìos gu Port a' Chaisteal.  B' e "an t-eilean àlainn" a bh' ann an Lios Mòr an-diugh dha-rìribh.

Feasgar, chaidh mi gu coinneamh Ùghdarras Coimhearsnachd Lios Mòr - tha sinn uile an dòchas gum bi rudan ùra is inntinneach a' tachairt san eilean san àm ri teachd.  

Comments

Popular posts from this blog

Moments That Mattered

Tha mi air ais!/ I'm back!

Co-fharpais na Càisge/ Easter Competition